(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Biodiversity Heritage Library | Children's Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "The fisherman = Na h-iasgairean"

m 



m 



:•:•:■■:■«■■ 



No. 27. 
TIIE FISHERMAN. 



NA H-IASGAIREAN. 



An uair a chi mi iasgairean a' càramh an lìn, agus ag 
ullachadh gu dol a dh'iasgach, is minic a smuainich mi 
gu bheil ni-egin urramach 'n an obair, an uair a chuimh- 
nicheas mi gur h-i so ceird a bh' aig na h-urrad de Ab- 
stolaibh an Tighearn Iosa. Tha na Scrioptuirean ag inn- 
seadh dhuinn gun robh cuid de na h-Abstolaibh 'n an ias- 
gairibh air fairge Ghalile an uair a ghairmeadh iad leis an 
Tighearna, chum 's gun deanadh se iad 'n an iasgairibh air 
daoinibh. Is e tha a' chainnt so a' ciallachadh gum biodh 
iad air an cur a mach le Iosa chum aire an co-chreutairibh 
a tharruing a dh'ionnsuidh na saorsa sin o chionta agus o 
dhiteadh a thainig e-san a dh' fhaotainn do pheacaichibh. 
Bu ghràsmhor do rìreadh an teachdoireachd leis an do 
chuireadh iasgairean Ghalile a dh ionnsuidh dhaoinibh 
peacach. Bha iad gu innseadh dhoibh, ged a pheacaich 
iad uile, agus ged a thoill iad, agus a bha iad buailteach 
do fheirg Dhe gu siorruith, gidheadh gun d'fhuair Iosa 
mathanas do gach aon a chreideadh ann, leis a' pheanas a 
thoill am peacaidh-san fhulang'n an àite. Tha dòchas 
agam gu bheil fhios agad gur h-e'm peacadh thug am bàs 
do'n t-saoghal. Ach cha robh peacadh sam bith aig 
Criosd arson am b' eigin da bàs fhaighinn ; gidheadh dh' 
fhuiling e bàs cràiteach agus mallaichte a, chroinn cheus- 
aidh. Nis rinn an Slànuighear beannaichte so chum a bhi 
"n a iobairt-rèitich air son peacaidh, a chum air an doigh 
30 gum bitheadh a mheud 's a dh' aontaicheadh leis na rinn 
e troimh chreideamh ann mar an aon Slànuighear air an 
saoradh o chionta agus o thruaighe, nach rachadh an 
sgrios, ach gum bi a bheatha mhaireannach aca. 

Dh'innis iasgairean Ghalile an sgeul math so anns gach 
àite an do shiubhail iad. Bha dearbh fhios aca gun robh 
feum aig na h-uile air tròcair, do bhrigh gun do pheacaich 
na h-uile. An uair a bheirear fainear gu bheil lagh Dhe 
ag iarruidh umhlachd uile-iomlan, agus gu bl.eil iarrtais, 
ni h-e amhain a ruigheachd ar gniomharra o 'n taobh a 
mach, ach mar an ceudna gu bheil e a ruigheachd suid- 
heachadh smuaintean an cridheacha, is fheudar dhuinn 
iùdeachadh gu bheil an dream is beu&aich ann an suilibh 



NA H-IASGAIREAN. 214 

fin coimhearsnaichibh an eiseamàiì mathanàis cho maih rk 
' mhuinntir tha. ciontach ann am peacaibh follaiseach. 
Ach am feadh a ta na h-uile feumach air trocair is ro- 
shòlasach an gnothach gu bheil an tròcair air ara bhei. 
feurn againn air a tairgseadb gu saor do na h-uile. Cia 
air bith cho lionmhor agus cho mor air an an-tromachadh 
is a bha ciontaidh aon neach saù am a chaidh seachad, 
cha'n urramo iad a dhruideadh a mach o chòir ann am 
foilìsèachadh natròcair trid Iosa Criosd. Tha 'n t-abstol 
Pòl gu h àraid ag innseadh gun'd fhuair e-fein tròcair, 
ged a bha e na aon de na peacaichibh bu mho chum an,n 
san air tès, no annsan an ceud-fhear, gum foilìsicheadh 
Criosd an uile fhad-fhulangas mar shamhladh dhoibh-san 
a chreideadh ann àn deigh so chum na beatha raairean- 
naich, 1 Tim. i. 6. Is naidheachd ro-aoibhinn so do gach 
neach, agus c' àit air bith am bheil e air a'chur an ceill 
tha mhisneach is mo air a toirt do gach neach gabhail ris. 
O na chuir Dia na fhreasdal am Piobull 'n ar làmhaibh- 
sa, agus o 'n tha là a 'tighinn 's an eigin duinn cunntas a 
thoirt mu 'n fheum a rinn sinn deth, tha dòchas agam a 
charaid ionmhuinn, nach gabh thu miothlachd ged chuir 
mi ceist ort ris am bheil gnothach àraid agad, àgus mu 
thimchioll an còir dhuit smuainteachadh gu dùrachdach, 
fo bheachd air là mor sin a' bhreitheanais: Ciod am feum 
a rinn thusa fathast de theachdoireachd tròcair Dhe, a 
thugadh seachad le iasgairibh Ghalile, agus a th'againn 's 
a Phiobull ? — Math -a dh' fhaoidte 'gun d' araicheadh o d' 
òige thu ann an cleachdadh deadh-bheusaibh o 'n leth 
muigh, agus ma tha thu saor o pheaCaibh follaiseach, agus 
a deanamh aidmheil air a Chreidimh Chriosduidh, gu 
bheil duil agad, do bhrigh gu bheil thu cail-eigin ni 's 
fearr na moran de d' choimhearsnaich gum bi gach ni gu 
math do d' thaobh. Ach cuimhnich nach 'eil na Scrioptuir 
ag ràdh gun toirear breith oirn fa dheireàdh le bhi air ar 
coimeas ri 'r coimhearsnaich ach ri firinn De. Leis an 
fhirinn so ma ta gheibhear ciontach àn droing is measarra 
an làthair dhaoinibh ; agus eadhon dhoibhsan cha n 'eil 
seòl sara bith air saoirsinn fhaotaintt o chionta agus o 
dhòruinn shiorruith, ach troimh chfeidimh ann a.m feap- 
teibh fola Iosa Criosd. Ach ceadaich dhomh ceist eite 
fhaineachd dhiot. Am bheil do chogais ag innseadh cuiuit 
am feadh à ta thu a' leughadh an leabhrain so, nach àa, 
smuaintich thu riamh gu dùrachdach rìiu thimchioll naml 



215 NA H-*ASGAIREAN S 

Èrinnibh a ta 'm Piobull a cur àn ceill? Tha dochas 
egam gu bheil Piobuli ?>gad a bheir thu leat do 'n tigh* 
aoraidh an uair theid tha ann, ach foadaidh e bith gur h- 
ainraic a leughas tu e aig do thigh fein. Theagamh gu 
bheil thu 'tighinn beò ann an cleachdannaibh a ta thu fios- 
rach tha e a' dìteadh, no theagamh gu bheil thu saoilsinn 
gMm bi do cheird a tà 'g ad' thoirt gu tric o'n tigh, no thu 
bhi 'n eiseamail saoithreachadh arson beathachadh do 
theaghlaich nà leith-sgeul air son do dhearmaid air focal 
De. Ach ciod air bith beachd a th' agad, ma ghabhas tu 
de dhragh ort fein na smuainicheas idir mu 'n chuis, faod- 
aidh dearbh fhios a bhi agad, an darna cuid, nach d' rinn 
tfau feum de'n Phiobull, no nach d'fhuair thu riamh fha- 
tliast buannachd uaithe. A charaid ghràdhaich, mur'eil 
nor dhearbhadh agad air thu bhi faighinn buannachd o 'n 
Phiobull, dean stad, agus gabh beachd air do sh ighean- 
naibh. Smuainich guidheam ort, cia mar fhreagras do 
dhearmad uair roi' 'n bhas, an uair a bhitheas tu dìreach 
gu inndrinn air bith-bhuanntachd. Cha'n fhaicear na ni 
faoin an sin dearmad a dheanamh air an t-slainte mhoir. 
Seadh, dearmad a dheanamh oirre ! Beachd-smuainich 
ciod tha so a ciallachadh. Cha'n'eil è air f hilleadh steach 
ann gun do chuir neach le thoil e fein an aghaidh an ni 
tha focal De a' cur an ceill, ach gun robh a chridhe cho 
mor air a shocrachadh air cuspairibh eile 's nach d'thug e 
fainear an t-slàinte mhor. Cia lionmhor ìad's an dùthaich 
s-o a ta 'caitheadh an ùine 's an dearmad uamhannach so ! 
Tha iad a' faoinis ri 'n ùine luàchmhoir ara feadh a ta i gu 
sàmhach a' gabhail seachad. Tha iad a' deanamh dearmad 
air na sochairibh agus air na cothromaibh luachmhor a ta 
iad a' mealtuinn chum ionnsachadh cionnas a theid iad as 
o'n f herg ri teachd ; an uair a ta gach tiota 'g an toirt ni 
's tinne do 'n am's am bi na nithe bhuineas do 'n sitb gu 
siorruith air am folach o'n sùilibh. — Ach math a dh 
fhaoidte gu bheil mi a' labhairt ri aon nach d' rinn dear- 
mad air an t-sl'ainte mhoir, ach a thuig agus a mhothaich 
fheum oirre, agus a f huair fois d' a anam tre chreidimh 
ann an Iosa Criosd. Ma 's e so do chor, a charaid ion- 
mhuinn, cuiream failt ort mar àon de chloinn Dhe. Tba 
fios agadsa ciod e beannacha an duine sìn a fhuaìr mativ 
anas nà eueartaibh. Tha mi fjosrach sach gabh ibti 
miothlachd as an leabhran so a chuir a'd'laimh, ach gun 
mr tba e do d' c.hoimhearsnaich, agus gur h-e durachd 



,4 NA H-IASGAIREAN. 216 

do chridhe gun deanar feumail e do gach neach a leughas 
e. Ma chreideas sinn ann an Criosd, bheir sinn gràdh 
dha: ma ghràdhaicheas sinn e bheir sinn umhlachd dha. 
Mothaichidh sinn, mar a rinn esan, dian-thogradh air son 
slainte anamaibh neo-bhasmhor, agus ni sinn gairdeachas 
ma 's urradh dhuinn, air chor sam bith, bhi 'n ar meadhon 
air an sonas siorruith a chuir air aghaidh. 

Cha'n'eil fhios agam am bheil sibh a deanamh moran 
feum 's duthaich so de 'n lion-thairgne. Is e 'n seorsa lion 
so a bh'aig' Iosa's an amharc, an uair a thuirt e, " A ta 
rioghachd neimhe cosmhuil ri lion air a thilgeadh 's an 
f hairge, agus a chruinnich de gach uile sheorta eisg : ni 
air dha bhi làn, tharruing na h-iasgairean chum na traighe, 
agus air suidhe dhoibh, chruinnich iad na h-eisg mhatha 
ann an soithichibh, ach thilg iad na droch eisg a mach. 
ìs ann mar sin a bhitheas ann an deireadh an t-saoghail : 
theid na h-aingil a mach, agus dealaichidh iad na droch 
dhaoine o mheasg nam fireanach ; agus tilgidh siad iad 's 
an àmhuinn theintich : an sin bithidh gul, agus snagar- 
daich fhiocal, Matt. xiii. 47 — 50. 

Tha 'n cosmhuileachd so ro-chomharaichte, agus faod- 
aidh tu a bhrigh a thuigsinn. Tha 'n lion-tairgne air a 
chur 's an uisge, ach fhad 's a ta e aig a' ghrund, cha 'n 
f haicear ciod a ta 'n a lùb. Air an doigh cheudna, tha 'n 
soisgeul air a shearmonachadh do na h-uile; ach am measg 
na muinntir tha ag aideachadh bhi 'g a chreidsinn dh' 
fhaodadh atharrachadh staid a bhi. Cha 'n urradh dhuinn 
fhaicinn ciod tha 's a chridhe agus mur dean daoine am 
fior staid aithnichte le droch-bheirt fhollaiseach, faodidh 
iad bhi air am meas 'n an creidich le 'n co-chreutairibh 
cho math ri dream ele. Ach am bu choir da so neach 
sam bith fhagail toilichte? Cha bu choir gu deimhin: oir 
tha dearbh-chinnt againn o 'n t-Slànuighear gur ioma fear- 
aidmheil ann an la mor a' chunntais a bhitheas gu siorruith 
air a thilgeadh o a làthair. Faic a Bhriathra fein, Mat. vii. 
21. Tha deireadh an t-saoghail a tighinn, agus an sin 
tairngear an lion a dh' ionnsuidh na tràighe. Air an là sin 
bit'iiclh, an ni tha 'n traths' neo-fbaicsinneach air a thoirt 
ann an sealladh an t-saoghail uile. Bithidh fior staid gach 
neach an sin air a dheanamh follaiseach, agus bithidh deal- 
achadh,— eadhon dealachadh siorruith air a dhean amh . 
Glasgow Iteligious Tract Society; Depositories, 158, Trongatc, 
and 99. Buchanan Street, 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/fishermannahiasg1800glas